Air bhioran

A bheil sibh fhein air bhioran? Tha mise gu mor! Tha fiughar orm gu samhradh de cheol mhath ur bho chuid dhe na comhlan is cluicheadaran as fhearr leam, Prionnsa, Na Fugees agus gu h-araidh na Red Hot Chili Peppers. Chunnaic mi iad aig Achadh a' Mhoirich ('S e sin an t-aite far an robh Hearts ag iarraidh a chluich an aghaidh Hibs) bhon-uiridh is bha iad sgrathail math fhein. 'S tric air m'iPod a bhios mi a' cur air "Mun timcheall an t-Saoghail", a' chiad oran bho "Californication", nam bheachd-sa a' chiad oran aig toiseach chlair as fhearr a bh' ann a-riamh, tha e direach a' cosnadh lamh an uachdair a bharrachd air "Failte don Jungle" le Gunnaichean is Rosan. Tha iomradh ann gur docha gum bi clar dubailte ann, cho fad's gu bheil John Frusciante a' cumail air adhart, 's cinnteach gun gleidh Na Chilis an aite aig mullach an t-Saoghail. Moran speis do Antony, Chad, John is gun teagamh, Flea!

Cheeruz!