A' mhios seo, tha mi ag eisteachd ri....

Croft No Five - Dà phort ùr. “Crash” agus “Out of Line”. Gheibhear an-seo iad
http://www.myspace.com/croftnofive

Prionnsa -3121 Clàr Ùr, air ais air dòigh ‘s a’ togail air Musicology mar bun-steidh.

An Cò – “Baba Ui Riallaigh” agus “Cò th’annad?”

Enclave – Buidheann Dannsa bho Ghlaschu a’ measgachadh rudan neonach.

Brian Eno – Ceol airson Puirt-adhair 1

Pink Floyd – Wish You Were Here Remixes, Gu h-araidh “Gabh Cigar” Gheibhear an leithid le inneal mar Kazaa no Limewire, thathar a radh gun deach an deanamh le Trent Reznor.

‘S caomh leam an t-side agus nuair a leumas an tìm air adhart, bidh mi a-mach nas trice is a’ faicinn iomadh charaidean mhath nach fhaca mi o chionn fhada.


Gum faic sibh a' chamhanaich!

Air bhioran

A bheil sibh fhein air bhioran? Tha mise gu mor! Tha fiughar orm gu samhradh de cheol mhath ur bho chuid dhe na comhlan is cluicheadaran as fhearr leam, Prionnsa, Na Fugees agus gu h-araidh na Red Hot Chili Peppers. Chunnaic mi iad aig Achadh a' Mhoirich ('S e sin an t-aite far an robh Hearts ag iarraidh a chluich an aghaidh Hibs) bhon-uiridh is bha iad sgrathail math fhein. 'S tric air m'iPod a bhios mi a' cur air "Mun timcheall an t-Saoghail", a' chiad oran bho "Californication", nam bheachd-sa a' chiad oran aig toiseach chlair as fhearr a bh' ann a-riamh, tha e direach a' cosnadh lamh an uachdair a bharrachd air "Failte don Jungle" le Gunnaichean is Rosan. Tha iomradh ann gur docha gum bi clar dubailte ann, cho fad's gu bheil John Frusciante a' cumail air adhart, 's cinnteach gun gleidh Na Chilis an aite aig mullach an t-Saoghail. Moran speis do Antony, Chad, John is gun teagamh, Flea!

Cheeruz!