Sgudal ris a bheil mi ag eisteachd agus m'fhoram ur.


Bidh moran dhaoine air thighinn an seo bho Savegaelic.org, uill chaidh sin dha na coin agus bha feum airson aite nach robh cho ardan is tioram, mar sin chruthaich Mac an TOisich "Taigh na Gaidhlig", gheibhear an-seo e.

http://www.activeboard.com/directory/preview.spark?forumID=76107

Tha e air a bhith gu math samhach o chionn greis is bu mhath leam barrachd dhaoine fhaicinn ann.

Co-dhiu, an-drasta tha mi ag eisteachd ri beagan "Latha Uaine" is "Ban-Righ", gu h-araidh stuth bho Innuendo (Fhuair mi MP3 de Raibeart Plant a' seinn an orain sin aig an consairt cuimhneachaidh aig Freddie, 's fior mhath e!) Cuideachd, tha mi fhathast a-mach air Bowie agsu Prionnsa. Cuideachd aig an deireadh seachdain cheannaich mi "AmeriKKKa's Most Wanted" le Ice Cube. Tha e a' cordadh rium gu mor, 's mor orm an stuth cruiadh a thainig a-mach le Public Enemy (no Namahaid Poblach ma thogras tu) is NWA mus deach Rap ro choimearsealta anns na 90an le Biggie is an leithid. Bidh daoine mar Chuck D is Ice Cube a-mach air ain-cheartas, eucoir is mi-reusan an aghaidh mion-chuidean a tha gu math cumanata air feadh an t-saoghail, is rud a tha gu math cudromach a chuimhneachadh latha an-diugh leis na h-Uncle Toms a' feuchainn ri a dhubhadh as dhaibh (is dhuinn) fhein ann an Sleite an-drasta.

Tha mi a' leughadh "Biko" le Domhnall Woods an-drasta agus tha teachdaireachd ann an sin dhn a h-uile Gaidheal mu ar suidheachadh fhein.

Thoir an aire.

Mac-T

Barailean: 1

Sgrìobh Blogger Cadalach

A bheil thu eòlach air Last.fm? Tha mi air a bhith ga chleachdadh 's tha na toraidhean gu math inntinnteach, uill, dhomhsa co-dhiù.

1:52 PM  

Sgrìobh do bharail...

<< Dhachaigh