A' Cuimhneachadh Sar-Ghaidheal

O chionn bhliadhna dh'eug cuideigin a bha na lasair shoilleir threun ann an ath-bheothachadh cultar nan Gaidheal, duine a bha na ghaisgeach do dh'iomadh dhaoine dem ghinealach, 's duine a chruthaich cuid den cheol as ealanta is beothaile a chaidh a dheanamh a-riamh le cuidieign as a ' Ghaidhlig. 'S e an duine sin Martyn Bennett, am piobaire is fidhlear miorbhaileach a sniomh ceol na ceilidh le ceol a' chluib 's rinn fuaim sgoinneil.
Chunnaic mi Martyn airson a' chiad thuras ann an 1998 ann an Obar Dheathain agus co-dhiu 4 no 5 tursan bhon uairsin air feadh na duthcha (Bha trup math ann an Inbhir Nis nuair a bha sruthan de dh'uisge beatha an asgaidh ri fhaighinn!). Nuair a bha mi a' fas suas bha e a' sealltainn dhomh mar a dh'fhaodadh Gaidhlig is Cultar na h-Alba a bhith ur is fasanta gun a bhith a' cur as dhan t-seann dhualchas aig an aon am. Dhomh-sa , 's e seo iuchair na Gaidhlig airson daoine sambith a th' ann an seo, tha tobar domhainn againn airson a tharraing as.
'S e na claran as fhearr a' cordadh rium a th ' ann an "Hardland", clar gu math cruaidh a thaobh dannsa (Na cennaich seo ma 's lugha oirbh ceol Hardcore) agus "Glen Lyon" clar de dh'orain Ghaihldig a rinn e cuide ri a mhathair, Mairead Bhennett, an t-seinneadair agus sar-eolaiche air ceol Gaidhlig. A dh'innse na firinn, tha a h-uile dad a rinn e riamh agam, agus chan eil cail lag orra.
Fhuair Martyn aillse ann an 2001 agus dh'eug e leis as deidh stri fhada dhuilich an-uiridh air 30mh an Fhaoillteach. 'S e caill mor a bh'ann ach tha buannachd air thighinn as a chuimhne, tha ginealach ur de chluicheadaran oga (Mar Croft No Five, seall fodha) a thug brosnachadh is spionnadh bho na h-iomairtean aige.
Soraidh slan leat a Mhartyn, Thig crioch air an t-Saoghail ach mairidh ceol is gaol.

1971-2005

http://www.martynbennett.com