Johnny Cash


Tha fiolm mu bheatha a' nochdadh a' dh'aithghearr. Chan urrainn dhomh fheitheamh. Tha buaidh mhor air a bhith aig an Fhear ann an Dubh air mo bheatha gu ruige seo. Tha na h-orain aige cho math airson an anaim ann an uairean eiginneach. Daoine spioradail, diadhaidh is laghach a bh'ann, tha e na sar-eisimpleir dhuinn uile. (Tha sin a' ciallachadh gum faodar a dhol air splaoid amphetamaine airson 10 bliaddhna cho fad gun gabh sinn an curam as a dheidh!!! ;-)

Cheeruz!

Croft No Five

'S e comhlan-ciuil anabarrach math tha seo, tha mi air fhaicinn aon trup ann an Dun Eideann, is tha iad a' toirt an Fhuinc leatha don cheilidh. Tha iad coltach ri Shooglenifty agus na Red Hot Chili Peppers (no Na Capsaiceim Teth Teth mar a chanas mi fhein riutha.) air an sniomh ri cheile ann am brot ceolmhor. Bidh mi a' tric ag eisteach ri ceol a' bhocsa agus feumaidh miradh gu bheil an cluicheadair Bhocsa, John Somerville, gle mhath, anns a' chiad coig cluicheadairean as fhearr ann an Alba an-drast, (ged tha stoidhle gu math mi-thraidiseanta a th' aige.). Tha da chlar aca,"Attention All Personnel" a tha nas fhearr a thaobh fuinn is puirt ach tha an fuaim a' soundacha mar gun do chlarar ann am bocsa brioscaidean, tha am fuaim diobhalta lag. Tha an darna chlar, "Talk Of The Future" fada nas truime a thaobh fuaim agus tha anm func fior laidir ach chan eil na puirt cho laidir idir, tha filler no dha ann. Tha mian dochas gum bi iad a' deanamh clar eile a dh'aithghearr.

Gheibhear an-seo "Talk Of The Future" (Chan eil "An Croit" a' cosnadh dad bhon a' chiad chlar aca, 's mar sin na ceannaich e, ma tha thu eolach air daoine leis, losg e!

http://www.amazon.co.uk/exec/obidos/ASIN/B0006333M8/qid=1136299735/sr=8-1/ref=sr_8_xs_ap_i1_xgl/026-3447126-3853254

Seall air larach a' chomlain cuideachd @ www.croftnofive.com

Sin sibh fhein