Ragga Iudhach

Mar a bhios fios agaibh, tha Mac an Toisich gu math measail air reggae.'S toil leam a h-uile cail bho Sca agus "na Scadaileits" tro Bhob Marlaigh gu stuth ur mar Buju Banton.
Ach chan eil mi ro mheasail air daoine geala a bhith a' deanamh 'regatta de blanc". Chan eil moran ann a tha math air, 's docha UB40 sna 80an, ach tha an cuid eile gun fheum sam bith. Le sin air m'aire bha mi beagan teagmhach mu dheidhinn an duine seo. Canaidh "Matisyahu" ris agus 's e balach a Pittsburgh no aiteigin a th' ann, agus bidh e a' tostadh thairis air an ruitheam mar Shabba Ranks agus seinn mar Bunnaidh Wailer, ach seo an rud, tha e geal, agus tha e na Iudhach, ach chan e Iudhach abhaisteach a th'ann, 's e Iudhach Hassidic a th' ann le ad dhubh agus deise dubh, "the whole shebang" mar a chanas iad, agus gu h-iongantach tha e fior mhath! Tha mi an duil gun spreidh e ann an 2006 gu mor., 'S doirbh talant cho mor ri seo a chleitheadh. Direach sgoinneil. Bha mi gu math crosta is luchdaich mi a-nuas cuid MP3 aige, cuid bho chlar bheo is cuid bhon chlar stiuidio. Direach sgoinneil!
Tha moran reggae gu h-araidh reggae "freumhach" a' tarraing air iomhaigheachd an t-Seann Tiomnaidh, is mar sin chan eil e a' soundadh ro neonach, Matisyahu a' tarraing air an Torah is an leithid, agus tha guth math aige. (Seadh, chleachd mi soundadh, bidh an luchd ionnsachaidh anal a' flippeadh an lid an-drasta.). Tha e' rappadh ann an Hebrew cuideachd, is math a bhith ga chluinntinn. Smaoinich gum b'urrainn cuideigin fior rap a dheanamh 'sa Ghaidhlig uaireigin?

Co-dhiu seall air www.hasidicreggae.com airson barrachd mu dheidhinn an duine sgoinneil seo.

Barailean: 2

Sgrìobh Blogger Graisg

'Tha e' rappadh ann an Hebrew cuideachd.' Saoilidh mi am biodh Eòsaiph eòlach air?
http://blogeosaiph.blogspot.com/
‘An Gaidheal Iùdhach’
A-nis thalla agus cuir seòladh am blog agad anns a’ dhuilleig ‘Aonaich leinn’
aig www.tirnamblog.com , tha mi làidir den bheachd gum bu chòir a h-uile duine eile a bhith faighinn a-mach mu dheidhinn an làrach supercool seo. Mar a thuirt am fear eile, ‘ sin thu fhèin’
Cheers an dràsta

11:16 PM  
Sgrìobh Blogger Eòsaph

Tha mi eolach air Matisyahu, ach cha robh dh'eisd mi ri ceol aca a-riamh. Tha sin gu math eibhinn agus bi mi ag easdachd!

>(Seadh, chleachd mi soundadh, bidh an luchd ionnsachaidh anal a' flippeadh an lid an-drasta.).

Tha sin gu math eibhinn cuideachd! lol

4:47 PM  

Sgrìobh do bharail...

<< Dhachaigh