Nollaig Chridheil

Aye Aye 'Illean, Tiodhlac Nollaig Bheag Dhuibh Uile. Cairistiona Choir!!! Cho piosail 'sa ghabhas! Beannachd Oirbh! Mac

De ris a tha mi ag eisteachd?

Kanye West - Late Registration
Rap a' Mhille Bhliadhna Ur, direach sgoinneil!

Daibhidh Macillebhuidhe - Ameirigeanaich Oga
A' toiseachadh le oran an tiotail agus a' criochnachadh le "Cliu", abair bookends!

Arcade Teine - Tiolaigeadh
Seall an artagail a sgriobh mi mu thrath.

Martyn Bennett - A' Chiad Chlar
Tha seo mach a' phrint an-drasta, an dochas gum foillsichear e a dh'aithghearr


Johnny Cash/Bob Dylan - Nashville Skyline Sessions
An cuala sibh riamh"Nashville Skyline", agus an t--oran, "girl from the north country"? Uill thanig na bootlegs seo bho na seiseanan sin. Da ghaisgeach ri cheile. Faigh inneal P2P agus lorg air an son.

Nollaig Chridheil!

Ragga Iudhach

Mar a bhios fios agaibh, tha Mac an Toisich gu math measail air reggae.'S toil leam a h-uile cail bho Sca agus "na Scadaileits" tro Bhob Marlaigh gu stuth ur mar Buju Banton.
Ach chan eil mi ro mheasail air daoine geala a bhith a' deanamh 'regatta de blanc". Chan eil moran ann a tha math air, 's docha UB40 sna 80an, ach tha an cuid eile gun fheum sam bith. Le sin air m'aire bha mi beagan teagmhach mu dheidhinn an duine seo. Canaidh "Matisyahu" ris agus 's e balach a Pittsburgh no aiteigin a th' ann, agus bidh e a' tostadh thairis air an ruitheam mar Shabba Ranks agus seinn mar Bunnaidh Wailer, ach seo an rud, tha e geal, agus tha e na Iudhach, ach chan e Iudhach abhaisteach a th'ann, 's e Iudhach Hassidic a th' ann le ad dhubh agus deise dubh, "the whole shebang" mar a chanas iad, agus gu h-iongantach tha e fior mhath! Tha mi an duil gun spreidh e ann an 2006 gu mor., 'S doirbh talant cho mor ri seo a chleitheadh. Direach sgoinneil. Bha mi gu math crosta is luchdaich mi a-nuas cuid MP3 aige, cuid bho chlar bheo is cuid bhon chlar stiuidio. Direach sgoinneil!
Tha moran reggae gu h-araidh reggae "freumhach" a' tarraing air iomhaigheachd an t-Seann Tiomnaidh, is mar sin chan eil e a' soundadh ro neonach, Matisyahu a' tarraing air an Torah is an leithid, agus tha guth math aige. (Seadh, chleachd mi soundadh, bidh an luchd ionnsachaidh anal a' flippeadh an lid an-drasta.). Tha e' rappadh ann an Hebrew cuideachd, is math a bhith ga chluinntinn. Smaoinich gum b'urrainn cuideigin fior rap a dheanamh 'sa Ghaidhlig uaireigin?

Co-dhiu seall air www.hasidicreggae.com airson barrachd mu dheidhinn an duine sgoinneil seo.

Arcade Teine!!!


Comhlan-ciuil sgonneil a Montreal, is doirbh am mineachadh, gu math coltach ri Talking Heads is U2 le beagan Bowie an luib cuideachd. Gu dearbh , chluich iad comhla ri "Macillebhuidhe" aig an fheis-ciuil, "Fashion Rocks" ann an NYC da bhliadhna air ais. Luchdaich mi a-nuas bootleg dhiabh a' seinn an oran aig Arcade Fire "Wake Up", (no "Duisg" ma thogras tu. :-D ) . 'S toil leam iad, a thaobh "Art Rock", tha iad a' breabadh toin Franz Ferdinand dhan t-sitig. Ceannacih an clar "Funeral" aca an-diugh fhein.