Wikipedia

'S e leabhar-eolais air loidhne is saor-thoileach a th' anns an wikipedia, tha am fear sa Bheurla gle mhor ach tha fear anns a' Ghaidhlig agus tha e a' sior-fhas.. Bidh daoine a' dol air agus a' cur an eolas air a cheann fhein. Faodaidh tu a sgriobhadh mu chail sambith. Saoilidh mi gum bi mi a' deanamh an leithid san am ri teachd.

Seall air aig

http://gd.wikipedia.org

Iomain agus Ceol

Bha aig Cuach na Camanachd mios air ais anns a' Ghearasdan, no Inbhir Lochaidh mar b'fhearr leam a chur air, agus bha deagh gheama eadar Caol Mhaillidh agus An Gearasdan fhein ann. Bhuinnig An Gearasdan 3 gu 2 an aghaidh an nabaidhean bho thairis air a' Chaolas ged a bha an t-side fior diobhalta. Co-dhiu, bha mi cuideachd a' coimhead air an geama eadar-naiseanta leis na h-Eirinnich air Oidhche na Sabaid agus chluich iad "Two Tribes" le Frankie Goes to Hollywood thairis air na tiotalan aig an deireadh.
Ach s'e seo a' cheist bho Mhac an Toisich an t-seachdain seo (duilich nach eil mi air a bhith ann o chionn ghreis a-nis ach tha mi air a bhith sar-dripeil aig Oilthigh), ach De tha sibh a' smaoineachadh a bhiodh ann an deagh oran a bhuineadh ri camanachd? (Chan fhaodar "Pride of the Summer" le Runrig a chleachdadh ge-ta, tha sin ro fhurasta). Tha mise a' moladh "Four Sticks" le Led Zeppelin.