Na Guirm Tuareg

Tinariwen. Can gu luath e, agus bidh e a' soundadh coltach ri sgire sgreamhail air Ceann Ear-thuath na Sasainn. Ach chan e idir, 'se comhlan-ciuil "Gorm" a th'annta, as an Fhasach Sahara. Fhuair mi eolas air nuair bha mi a' leughadh agallamh le Robert Plant, an seinneadair ann an Led Zep (ged tha fios agam nach bi feum airson seo a dh'innse do chuideigin a bhios a' tadhal an-seo.) 'S e sluagh an fhasaich, a th' anns na Tuaregs (Bidh iad a' nochadh san dan fada le Deors' Mac Iain Deorsa, Mochtar is Dughall). Lorg Plant Tinariwen aig Feis an Fhasich ann an Timbuctu ann an 2002, 's bhon uairisn, tha e air am moladh gu mor air feadh an t-saoghail. Bhual da rud orm nuair a bhios mi ag eisteachd riutha, 's e a' chiad rud gu bheil fuaim a' ghotair cho coltach ris an stoighle aig na fear-guirm, mar Robert Johnson, Howlin' Wolf is an leithid, ach cuideachd 's e an darna rud gu bheil an t-seinn cho coltach ri seinn anns an t-seann-nos Ghaidhealach!!! Cheannaich mi Amasskoul, a' chalr stiudio aca, agus tha e fior-mhath, sar mhath, channainn-sa, le seinn mhiorbhaileach agus orain draodiheil, a' toirt spionnadh spioradail dhomh gach trup a dh'eisteas mi ris.


Gheibhear barrachd fios mu an deidhinn an-seo (tha track no dha ann ri luchdachadh a-nuas cuideachd)
http://tinariwen.calabashmusic.com/

Barailean: 4

Sgrìobh Blogger Cadalach

An do chluinn thu an CD ùr le Robert Plant, Mighty Rearranger? Chan eil e dona idir :-)

8:22 PM  
Sgrìobh Blogger Graisg

Uill ‘ille, tha an làrach agad anabarrach math ‘s tha e math a bhith leantainn a leithid de sgrìobhaidh, fada nas s’ fheàrr na bhith leughadh an aithris bhliadhnail Pàrlamaid na h-Alba mar eisimpleir.

Chunnaic mi sanas ann an COSMOnot iris 6. (Fhuair mi cothrom a bhith ga ceannaich aig an t-SMO an t-seachdain seo chaidh), seo e:

‘HND Runrig Conaltradh
Sgilean conaltraidh sòisealta airson daoine aig nach eil ùidh ach ann an Runrig. Tro mheadhan na Beurla. Cha leig thu leas Gàidhlig a bhith agad, no fiù ‘s comas seinn, ach bhiodh stoidhle-fuilt ‘mullet’ feumail. Sgrìobh dhan Gearmailt mar phàirt den chùrsa seo. A’ tòiseachadh as t-fhoghar 2005. Barrachd fiosrachaidh bho oifis@smo.uhi.ac.uk’

Uill, saoilidh mise gur e thusa cho eòlach air Reggae sa tha Riggie sam bith air Runrig nach e? Dè do bheachd? Am bu chòir dhut iarrtas a chur a-steach dhan BnG airson an aon seòrsa cùrsa a ruith?
BA (le Urram) Reggae agus Iomall a’ Chuain Siar.

11:20 AM  
Sgrìobh Blogger MacanTosich

Chneannaich mi Mighty Rearranger air a' chiad latha a thainig e a-mach. fior mhath!!!

1:10 PM  
Sgrìobh Blogger Car Insurance

This comment has been removed by a blog administrator.

1:32 PM  

Sgrìobh do bharail...

<< Dhachaigh