Na Guirm Tuareg

Tinariwen. Can gu luath e, agus bidh e a' soundadh coltach ri sgire sgreamhail air Ceann Ear-thuath na Sasainn. Ach chan e idir, 'se comhlan-ciuil "Gorm" a th'annta, as an Fhasach Sahara. Fhuair mi eolas air nuair bha mi a' leughadh agallamh le Robert Plant, an seinneadair ann an Led Zep (ged tha fios agam nach bi feum airson seo a dh'innse do chuideigin a bhios a' tadhal an-seo.) 'S e sluagh an fhasaich, a th' anns na Tuaregs (Bidh iad a' nochadh san dan fada le Deors' Mac Iain Deorsa, Mochtar is Dughall). Lorg Plant Tinariwen aig Feis an Fhasich ann an Timbuctu ann an 2002, 's bhon uairisn, tha e air am moladh gu mor air feadh an t-saoghail. Bhual da rud orm nuair a bhios mi ag eisteachd riutha, 's e a' chiad rud gu bheil fuaim a' ghotair cho coltach ris an stoighle aig na fear-guirm, mar Robert Johnson, Howlin' Wolf is an leithid, ach cuideachd 's e an darna rud gu bheil an t-seinn cho coltach ri seinn anns an t-seann-nos Ghaidhealach!!! Cheannaich mi Amasskoul, a' chalr stiudio aca, agus tha e fior-mhath, sar mhath, channainn-sa, le seinn mhiorbhaileach agus orain draodiheil, a' toirt spionnadh spioradail dhomh gach trup a dh'eisteas mi ris.


Gheibhear barrachd fios mu an deidhinn an-seo (tha track no dha ann ri luchdachadh a-nuas cuideachd)
http://tinariwen.calabashmusic.com/

Co as fhearr leibh, Peadar, Bunnaidh no Bob???

Ged bha iomadach buill aig a' chomhlan ciuil "Na Wailers" aig an toiseach, thathar ag aontachadh gu mor gur e Peadar Mac an Toisich, Bunnaidh Wailer agus Raibeart Marlaigh a bh 'anns na priomh buill, 's iad a bha anns a' chomhlan nuair a fhuair cliu: Ann an Iamaica sa chiad dol-a-mach, le Lee Perry gan riochdachadh, agus gu eadar-naiseanta, leis na claran, 'Catch a Fire' agus 'Burnin'.

Dhealaich iad as deidh seo, air sgath' sgun robh Chris Blackwell, ceannard Chlaran nan Eilean, a' cur cuideam air iomhaigh Bhob mar an Toiseach, rud nach robh a' cordadh ris an Toiseach eile sa chomhlan-ciuil! Cuideachd, cha robh Bunnaidh airson cuairtean a dheanamh thall thairis.

Ged a rinn Bob fior mhath as deidh nan Wailers, gu dearbh rinn an sithis eile cuid de chlaran a tha co-dhiu, co-ionnan leis na claran aig Marlaigh.

Bidh barrachd orrasan a' nochdadh a dh'aithghearr.

JAH! RASTAFARI!

uile gu leir 's e breig eile sa bhalla

Breig eile sa Bhalla (Pairt a Dha)

Chan eil feum againn air foghlam.
Chan eil feum air smachd-smuain.
Gun searbhas dorch san t-seomar-teagaisg.
A Thidseir, seachainibh a' chlann ud

Uile gu leir, 's e breig eile sa bhalla.

A bheil thu eolach air 'A' Bhalla' le Pink Floyd?

'S e clar gu math ioma-fhillte, domhainn is uaireannan dorainn, ach tha oran no dha math air.

Am faca tu sibh an ceathrar bodaich aig Live 8? Nach math a rinn iad?

Uisge Purpaidh

Howdy, 'illean is nighnean, 's mise Mac an Toisich, is failte romhaibh dhan bhlog agam. Bidh mi ag eadar theangachadh liricean orain an-seo bhon a' Bheurla gu Gaidhlg is cuideachd a' toirt mo bheachdan air orain is claran roc, rap is reggae clasaigeach bho am gu am.

An-diugh

Uisge Purpaidh le Prionnsa

A bheil an clar seo agaibh? Mura h-eil, carson nacheil.

Seo Clar a' Chlair!

1.Rachamaid Craicte
2.Thoir mi falbh bhuat
3.An Fheadhainn Bhreagha
4.Coimpiutair Gorm
5.Nikki Choir
6.Nuair a Chaoineas na Calamain
7.Bhasaichinn Dhut
8.A Ghraidh, 'S e Rionnag a th'annam
9.Uisge Purpaidh

'S e clar fior mhath tha seo. Cheannaich mi e an-uiridh, 's bhon uarisin, tha mi air cha mhor a h-uile rud leis an duine bheag phurpaidh a cheannach, "1999", "Drochaid Ghraffiti" is an leithid. Thoir suil air an fhiolm cuideachd, tha an te ann, Appollonia, fior thaitneach na coltas, ach tha deagh chleasachadh ann le Clarence Williams III mar athair "a' Ghille", mar a tha air Prionnsa san fhiolm.

Tha Prionnsa (no Samhail, mar a bha air eadar 1994 is 2000) a' cumail deagh chuirm-ciuil bheo cuideachd 's e loma-lan spionnadh is leum. Air a' chlar, tha e a' suathadh air a h-uile rud bho mhiann-feise gu Dia, cliu gu gaol; salach ach diadhaidh anns an aon char. Tha buaidh mhor aig Seamus Macilledhuinn is Sly Stone air a' chlar seo agus ged bhios orain bho chlaran eile, 's docha nas fhearr , 'Coirbhette Bheag Dhearg' man eisimplear, chan faigh thu clar cho mor-thaitneach ris an fhear seo. Gheibhear e aig Fopp airson coig not no gu math saor aif feilltean HMV.

Bheirinn-sa coig deug mach a coig deug don chlar seo.

"Gum faic sibh a' chamhanaich!"

Dè do bheachd?

Am bu toil leat a bhith sgriobhadh an seo?